The Journal of Scottish Name Studies

’S e iris sgoilearach a th’ anns an Journal of Scottish Name Studies,
a bhios a’ foillseachadh altan agus lèirmheasan air ainmean-àite agus ainmean pearsanta a bhuineas do dh’Alba, dha h-eachdraidh agus dha cànanan. Tha an iris ga breithneachadh le comhairle deasachaidh.
Cuiribh altan airson àireamhan ri teachd gu Clann Tuirc gus an tèid beachdachadh orra. Thèid beachdachadh air altan goirid, lèirmheasan agus aithisgean air obair a tha ga leantainn cuideachd.
An Dr Simon Taylor agus an t-Ollamh Richard A.V. Cox
Na Fir-dheasachaidh