Dachaigh Chlann Tuirc   

Mith-Sgeòil is Sìth-Eòlas

2. Gobhainn Dubh na Soc

2.1 Chuir Gobhainn Dubh nan Soc

gobha f. ‘neach a dh’obraicheas le meatailt’, gin. gobhann (goibhne, gobha), tabh. gobhainn (gobha); ann an seo chaidh an cruth tabhartach gobhainn àbhaisteachadh na chruth bunasach. Tha soc f., gin. sg. agus bun. iol. suic, gin. iol. soc, na 'lann no stocainn mheatailt air ceann crainn-treabhaidh (inneal airson talamh a thionndadh)'.

a-staigh a ùine ag ionnsachadh na goibhneachd, ach aig ceann na h-ùine cha b' urrainn e a bhuineadh do dh’obair goibhne a dhèanamh ach suic chrann-àraidh

crann-àraidh f. ‘crann-treabhaidh’, an seo san tuis. ghin. iol.

.

2.2 Dh'fhosgail e ceàrdach beagan mhìltean a-mach o Dhùn Èideann, agus thòisich e air dèanamh shoc.

.i. thòisich e air suic a dhèanamh, thòisich e a' dèanamh shoc'.

Anns an àm sin bha faidhir a' seasamh uair sa mhìos anns a' bhaile, agus cho tric 's a thigeadh i mun cuairt, rachadh an Gobhainn Dubh dha h-ionnsaigh le sheann each bàn fèin agus cairt làn shoc. Agus an dèidh dha na suic a reic, philleadh e dachaigh na shuain chadail

'na throm-chadal'. Tha suain b. a' ciallachadh cadal f., agus tha cadal ga chleachdadh an seo san tuiseal ghinideach na bhuadhair.

anns a' chairt, a' fàgail an t-seann eich bhàin gu bhith a' dèanamh an rathaid mar a b' fheàrr a dh'fhaodadh e.

2.3 Air latha àraid faidhreach chaidh e mar bu ghnàth leis don taigh-òsta, agus cò a thachair air an sin ach gobhainn an rìgh. Chuir na feara

Le tuiseal bunasach iolra an ainmeir fear f., .i. na fir.

eòlas air a chèile agus shuidh iad sìos ag òl gus an deachaidh an deoch nan cinn.

2.4 An sin thòisich a' bhòilich, agus chan aidicheadh an dara fear nach b' e fèin gobhainn a b' fheàrr na am fear eile. A chur stad

.i. 'gus stad a chur'.

air a' chonnsachadh, dh'èirich gobhainn an rìgh agus thubhairt

‘thuirt’. Is e thuirt an cruth lag-bheumte aon-lideach aig thubhairt, tràth caithte a’ ghnìomhair ABAIR.

e ris a' Ghobhainn Dubh,

2.5 'Cuiridh mise trì chiad marg

Bha marg f. na bhonn airgeadach a bha ga chleachdadh gus toiseach na 17mh linne agus a b' ionann agus dà thrian a' phuinnd Albannaich (SND).

an geall gun dèan mi ron ath fhaidhir rudeigin nach dèan rud air bith a nì thusa ron àm sin a-mach.' Dh'èirich an Gobhainn Dubh agus fhreagair e,

2.6 'Cuiridh mise trì chiad eile nach dèan thu nì da leithid, ach gun dèan mise rud a thèid air thoiseach air an rud a nì thusa.

2.7 Dhealaich na laoich, a' gealltainn a chèile a choinneachadh an ath fhaidhir leis na rudan a dhèanadh iad.

2.8 Aig deireadh an là phill an Gobhainn Dubh dhachaigh sa chairt mar b' àbhaist dha. Air an ath mhadainn thionn' e a-mach don cheàrdaich agus thòisich e air tuilleadh shoc a dhèanamh. Chùm e orra là an dèidh là gus an tàinig an là ron ath fhaidhir. Air feasgar an là sin, thàinig duin'-uasal a-staigh don cheàrdaich agus thubhairt e ris a' Ghobhainn Dubh,

2.9 'Am bheil guth idir agad air an rud sin a dhèanamh leis am buidhinn thu an geall air gobhainn an rìgh? Mur tòisich thu gu h-ealamh, bi cinnteach gun caill thu.' Fhreagair an Gobhainn Dubh,

2.10 'Chan eil fhios agam ciod a tha thu a' ciallachadh! Chan fhiosrach mi

'chan eil fhios agam, chan aithne dhomh'.

gun do chuir mi geall air bith ri gobhainn an rìgh.'

2.11 'Chuir thu sin,' ars an duin'-uasal. 'Bha mi fèin san èisteachd

'bha mi ann, bha mi an làthair'.

agus chuala mo chluasan fèin thu a' cur trì cheud marg ris.'

2.12 'Ma-tà, caillidh mi, oir cha d' ionnsaich mi a-riamh nì saoghalta

'rud sam bith, rud air an t-saoghal'; leis a' bhuadhair saoghalta, à saoghal f.

a dhèanamh ach suic,' ars an Gobhainn Dubh.

2.13 'Cùm a-suas do mhisneach,' ars an duin'- uasal. 'Ma bheir thu dhòmhsa leth na bhuidhneas tu, nì mise dhuit rud a choisneas an geall.'

2.14 'Bheir mi dhuit sin lem uile chridhe,' ars an Gobhainn Dubh.

2.15 Gun tuilleadh dàil chaidh an duin'-uasal an greim. Rinn e an toiseach cnap math bogsa. An dèidh sin chuir e pìos mòr iarainn air an teallach, agus an ùine ghoirid thug e a-mach e na mhial-chù

f. 'cù àrd caol a chleachdar airson seilge no rèisidh'.

. Agus nuair a bha gach nì deas, chuir e am mial-chù anns a' bhogsa, agus dhruid e am brod air.

2.16 'A-nis,' ars an duin'-uasal, agus e a' tionndadh ris a' Ghobhainn Dubh, 'nuair a dh'fhalbhas tu a-màireach leis na suic bheir thu leat am bosga

.i. bogsa f., le gs air eadar-chàradh.

seo, agus nuair a ruigeas tu an fhaidhir bidh gobhainn an rìgh romhad agus thig e ad choinneimh. Ma dh'iarras e ort do bhogsa fhosgladh agus an rud a th' ann a leigeil fhaicinn da, their thu ris gur ann dàsan as còir sin a dhèanamh an toiseach a chionn gum b' è a chuir an geall an toiseach. An sin fosglaidh e a bhogsa agus leumaidh fiadh a-mach às. Cho luath 's a chì thu am fiadh, bi cinnteach gum fosgail thu do bhogsa fèin agus gun leig thu a-mach an cù, agus tha mise air mo mhealladh mur coisinn e an geall dhuit.' An sin dh'fhàg an duin'- uasal feasgar math aig a' Ghobhainn Dubh agus dh'fhalbh e.

2.17 Air madainn an ath latha dh'fhalbh an Gobhainn Dubh le shuic agus le bhogsa anns a' chairt. Ràinig e an fhaidhir ann an deagh àm agus choinnich gobhainn an rìgh e le bogsa fo achlais. An sin thachair gach nì eatarra mar bha dùil aig an duin'- uasal. Mu dheireadh dh'fhosgail gobhainn an rìgh a bhogsa agus leum fiadh brèagha a-mach às agus air falbh ghabh e

.i. 'ghabh e air falbh, ghabh e air, dh'fhalbh e'.

na dheannaibh. An sin dh'fhosgail an Gobhainn Dubh a bhogsa fèin agus leum mial-chù gasta a-mach, agus shìn e an dèidh an fhèidh agus stad cha d' rinn e

.i. 'cha do rinn e stad, cha do sguir e'.

gus an do ghlac e am fiadh agus an d' fhàg e aig casan a' Ghobhainn Duibh e.

2.18 'M' fhianais ort fèin

.i. 'seall thusa na chì mise, gun aidich thu mar a thachair'.

a-nis,' ghlaodh an Gobhainn Dubh ri gobhainn an rìgh, 'gun do chaill thu do gheall.'

2.19 'Chaill mi an geall seo gu dearbh ach theagamh gum buidhinn mi an ath aon,' fhreagair gobhainn an rìgh, agus e a' sìneadh don Ghobhainn Dubh gach peighinne den airgead ghill.

2.20 Chaidh iad an sin don taigh-òsta agus cha robh iad fada ann gus an do chuir iad a leithid eile a' ghill mu dheireadh. Na dhèidh sin dhealaich iad, a' gealltainn a chèile a choinneachadh aig an ath fhaidhir, agus na h-innil

'innealan', cruth iolra eile aig an ainmear inneal f. 'beart, acfhainn'.

a dhèanadh iad aca maille riù. An sin chaidh an Gobhainn Dubh sa chairt agus thug an t-each bàn dachaigh e.

2.21 Air an ath mhadainn b' e a' chiad nì a rinn e dol don cheàrdaich agus an trì cheud marg fhalach ann an toll a rinn e fon stairsnich. Cha robh guth aige air a' gheall ach chùm e air suic a dhèanamh gus an tàinig am feasgar mu dheireadh ron fhaidhir.

2.22 Goirid mun tàinig àm sguir cò a thionn' a-staigh don cheàrdaich

.i. cò a nochd anns a' cheàrdaich.

ach an duin'-uasal a rinn am mial-chù. Chuir e fàilte air a' Ghobhainn Dubh agus dh'fheòraich e dheth an d' rinn e fhathast an t-inneal sin leis an robh e a' dol a bhuidhinn an ath ghill o ghobhainn an rìgh. Ach cha robh cuimhne aig a' Ghobhainn Dubh aon chuid gun do chuir e geall no ciod uime a bha e.

2.23 'Ma-tà,' ars an duin'-uasal, 'ma gheallas tu dhòmhsa leth na bhuidhneas tu, agus nach tèid thu tuilleadh don taigh-òsta, nì mise dhuit inneal leis an toir thu a-mach an geall.'

2.24 'Geallaidh mi sin agus co-gheallaidh mi e cuideachd cho fad 's a dh'fhaodas mi

.i. cho fad 's as urrainn dhomh.

,' fhreagair an Gobhainn Dubh.

2.25 An sin chaidh an duin'-uasal an greim. Rinn e an toiseach bogsa. Na dhèidh sin rinn e bèist-dubh mhòr làidir mar a rinn e am mial-chù. Agus nuair a bha i deas, chuir e i anns a' bhogsa agus dhruid agus ghlais e am brod oirre.

2.26 'A-nis,' ars e ris a' Ghobhainn Dubh, 'bheir thu leat am bogsa seo a dh'ionnsaigh na fhaidhreach agus chan fhosgail thu e gus am fosgail gobhainn an rìgh a fhear fèin an toiseach. Buidhnidh tu

Tùs: thu.

an geall an uair seo fhathast, ach feuch nach tèid thu don tigh-òsta agus nach cuir thu geall eile air eagal gun

'air eagal 's gun, mus, gun fhios nach'.

caill thu na bhuidhinn thu. An ceann beagan là

Tha an seo san tuiseal ghinideach iolra: 'an ceann beagan làithean'.

tadhailidh mise a-rithist anns a' cheàrdaich, agus bheir thu dhomh leth an airgid a choisneas tu

Tùs: thu.

.' Gheall an Gobhainn Dubh gun dèanadh e mar dh'iarradh air

'mar a dh'iarradh air, mar a chaidh iarraidh air'.

agus dhealaich iad.

2.27 Air an ath là dh'fhalbh an Gobhainn Dubh leis a' bhogsa chum na faidhreach. Nuair a ràinig e, choinnich e gobhainn an rìgh ach dhiùlt e a bhogsa fhosgladh an toiseach. An sin chaidh gobhainn an rìgh gu taobh an uisge agus cho luath 's a dh'fhosgail e a bhogsa leum bradan a-mach às don uisge agus shnàmh e air falbh uapa. An sin dh'fhosgail an Gobhainn Dubh a bhogsa fèin agus leum a' bhèist-dubh a-mach an dèidh a' bhradain agus an ùine ghoirid rug i air agus phill i leis na beul agus dh'fhàg i e aig casaibh a maighstir.'

2.28 'M' fhianais ort fèin,' ars an Gobhainn Dubh, 'gun do chaill thu do gheall.'

2.29 'Chaill mi, gun teagamh,' fhreagair gobhainn an rìgh, 'agus, ma thig thu leam don taigh-òsta, pàighidh mi dhuit a h-uile peighinn deth.'

2.30 'Cha tèid mi, oir chuir mi romham nach cuirinn geall tuilleadh,' ars an Gobhainn Dubh.

2.31 'Uile-cheart,' arsa gobhainn an rìgh, agus phàigh e am fear eile air ball.

2.32 An ceann beagan làithean cò bhuail a-staigh don cheàrdaich ach an duin'-uasal. Dh'fheith e greis an dùil gum pàigheadh an Gobhainn Dubh dha na choisinn e gun iarraidh, ach ged dh'fheitheadh e gu là a' bhràtha cha tigeadh an Gobhainn Dubh air nì de a leithid. Mu dheireadh thubhairt e ris,

2.33 'Thàinig mi airson mo dhuaise; is fheàrr dhuit a thabhairt domh agus mo leigeil air falbh.' Ach duais no buidheachas cha tugadh an Gobhainn Dubh dha. Nuair a chunnaic e seo thug e an rathad air, ach mun d' fhalbh e dh'fhàg e rudeigin anns a' cheàrdaich.

2.34 Beagan làithean na dhèidh sin thàinig duin'-uasal eile air muin eich a dh'ionnsaigh na ceàrdaich, 's an t-each aige ro chrùbach a chion chrùidhean. Air dha fàilte an latha a chur air a' ghobhainn, thubhairt e,

2.35 'B' fheàrr leam gun cuireadh tu crùidhean air an each agam, oir tha e cho deireasach 's nach eil comas ceum aige.'

2.36 'An e mise?' ars an Gobhainn Dubh. 'Cha d' rinn mise ball riamh de dh'obair goibhneachd

.i. 'Cha do rinn mise ball de dh'obair goibhneachd a-riamh'.

ach suic chrann-treabhaidh.' Fhreagair an duin'-uasal,

2.37 'Is iomadh rud a dhèanadh duine nam bitheadh de mhisnich aige gum feuchadh e ris. Feuch thusa agus cuidichidh mi fhèin leat.'

2.38 'Seadh, seadh, ma-tà! Nì mise cho math 's as urrainn mi,' fhreagair an Gobhainn Dubh.

2.39 Chaidh an duin'-uasal a-mach agus gheàrr e ceithir chasan an eich dheth o na glùinean. Thug e a-staigh iad agus chàraich e iad san teine. Chaidh e fèin air làimh a' bhuilg agus bha an gobhainn a' cumail an teine dùinte mu na casan. An dèidh dhaibh a bhith tacain maith san teine, ghlaodh e ris a' Ghobhainn Dubh,

2.40 'Mach leis an teas!' Rug an gobhainn air an teanchair agus shlaod e a-mach a' chiad chas a dh'ionnsaigh an innein

f. 'teallach, ploc iarainn'.

. Ghlac e an sin an t-òrd-làimh agus leum an duin'-uasal a dh'ionnsaigh an ùird-mhòir, agus le beagan bhuillean chrùidh iad a' chas cho glan 's a rinn gobhainn a-riamh. Nuair a bha iad rèidh dhith ghabh iad na casan eile, agus chrùidh iad tè mu seach dhiubh air an dòigh cheudna. An sin ghlaodh an duin'-uasal ris a' Ghobhainn Dubh,

2.41 'Bi mach leis an dà chois thoisich agus buail iad nan àite fèin air an each.' Rinn an Gobhainn Dubh sin agus rinn an duin'-uasal fèin an nì ceudna air an dà chois dheiridh.

2.42 Ann an tiota dh'èirich an t-each cho slàn 's bha e a-riamh agus crùidhte deas airson an rathaid. An sin leum an duin'-uasal san diollaid agus dh'fhalbh e.

2.43 Cho luath 's a dh'fhalbh an duin'-uasal chaidh an Gobhainn Dubh a-staigh don taigh agus thubhairt e ri mhnaoi,

2.44 'Cha bhi mi nas fhaide a' pàigheadh tuarastail do shlaightearan ghoibhnean

Le tabhartach iolra an ainmeir slaightear f. 'balgair, duine eas-onarach' agus le ginideach iolra an ainmeir gobhainn f.: 'do ghoibhnean a tha nan slaoightearan'.

, oir thèid agam fhèin a-nis air crùidheadh às an eugmhais. Tiugainn a-mach agus cuidich leam an t-each bàn a chrùidheadh, oir tha agam ri dol leis don bhaile an ùine ghoirid.' Nuair a chrìochnaich e na bh' aige ri ràdh, dh'fhalbh e don stàball agus gheàrr e casan an eich bhàin dheth, agus an sin thug e a-staigh don cheàrdaich iad agus chàraich e iad anns an teine. Chuir e a bhean a shèideadh a' bhuilg agus chaidh e fèin a chumail guail air na casan. Nuair a shaoil e gun robh iad deas, shlaod e tè dhiubh a-mach a dh'ionnsaigh an innein agus bhuail e buille oirre leis an òrd. Ach bha a' chas na cnàimh guailte suas gu a leth, agus uime sin chuir am buille i na sgealban air feadh na ceàrdaich. Bha an còrr de na casan air a' cheart chor, agus le sin cha robh aig a' Ghobhainn Dubh ach an t-each bàn bochd a chur à cràdh gun dàil agus a chlosach a chur fon talamh cho sàmhach 's a b' urrainn e.

2.45 Ùine mhath an dèidh don dara duin'-uasal falbh, thàinig an treas duin'-uasal don cheàrdaich, agus dà chailleach maille ris. Thubhairt e ris a' Ghobhainn Dubh,

2.46 'An dèan thu dhòmhsa nighean òg den dà chaillich seo, agus bheir mi dhuit duais mhath airson do shaothrach?' Fhreagair an Gobhainn Dubh,

2.47 'An e mise? Cha d' rinn mise riamh ach suic.'

2.48 'An toir thu dhomh fhèin, ma-tà, tacan den cheàrdaich agus ded chuideachd?' ars an duin'-uasal.

2.49 'Gheibh thu sin,' fhreagair an Gobhainn Dubh.

2.50 'Seo ma-tà! Bi an greim. Is iomadh nì a dhèanadh fear nam bitheadh aige de mhisneach gum feuchadh e ris.' Chuir iad na cailleachan anns an teine, agus chaidh an duin'-uasal a shèideadh a' bhuilg agus an Gobhainn Dubh a chumail guail air an teine. Nuair a thug iad garadh math do na cailleachan, tharraing iad a-mach iad a dh'ionnsaigh an innein, agus an sin thòisich an duin'-uasal air bualadh leis an òrd-mhòr agus an Gobhainn Dubh leis an òrd-làimh, agus le aon gharadh tàthaidh

Le gin. an ainmeir tàthadh f. 'a bhith a' cur rudan ri chèile, gu h-àraidh gus am bi iad nan aon'; bheir garadh tàthaidh a-steach a bhith a' teasachadh dà rud agus a bhith gam bualadh mar-aon le òrd.

rinn iad an aon nighean bu bhrèagha a chunnaic duine a-riamh. Nuair a bha iad deas, thug an duin'-uasal duais mhath don Ghobhainn Dubh agus dh'fhalbh e, agus an nighean òg aige na chuideachd.

2.51 Cho luath 's a dhealaich e riù

dealaich ri cuideigin 'fàg cuideigin': 'cho luath agus a dh'fhàg e iad', ged as iadsan a bha ga fhàgail-san.

ghabh an Gobhainn Dubh a-staigh don taigh, agus thubhairt e ri mhnaoi,

2.52 'Nach eil naidheachd agam dhuit? Tha mi an dèidh nighean òg cho brèagha 's a chunnaic thu riamh a dhèanamh de dhà shean chaillich. Falbh agus nì sinn tè eile ded mhàthair fhèin agus dem mhàthair-sa, agus an sin bithidh againn nì nach robh againn gus an seo: nighean leinn fhèin.' Thubhairt a bhean,

2.53 'Thoir an aire nach e leithid eile ri goibhneachd an eich bhàin a bhitheas agad.'

2.54 'Chan eagal da sin,' ars an Gobhainn Dubh, agus chaidh e an greim.

2.55 Dh'fheuch e gach nì a dhèanamh mar chunnaic e an duin'-uasal a' dèanamh, ach, mur b' e a leithid eile ri goibhneachd an eich bhàin a bh' aige mu dheireadh, b' e nitheigin a sheachd miosa

.i. 'mòran as miosa'. Tionndaidh Calder e na 'seven times worse', ach ’s ann ann an seac 'glè' a thàrmaicheas seachd fo thùs (Cox 2017, 374).

.

2.56 Chaidh ùine seachad agus an sin cò a thadhail anns a' cheàrdaich ach an ciad dhuin'-uasal. An dèidh dha fàilte a chur air a' Ghobhainn Dubh, thubhairt e ris,

2.57 'Am bheil saod idir ort leth an airgid a choisinn mi dhuit a thoirt domh, mar gheall thu?' Cha robh sin air a' Ghobhainn Dubh: cha tugadh e uimhir agus buidheachas. An sin thòisich an duin'-uasal air fàs cho mór 's gun robh an Gobhainn Dubh an cunnart a bhith air a leudachadh eadar e agus oisinn an teallaich. Nuair a chunnaic an Gobhainn Dubh an cunnart mòr san robh e, thug e a-mach às a phòca sporan leathraich a bha druidte le iallan, agus an sin thubhairt e ris an duin'-uasal,

2.58 'Tha mi faicinn gun tèid agad air thu fèin a dhèanamh mòr gu leòir, ach, ma nì thu nis cho beag thu fèin 's gun tèid thu san sporan seo, bheir mi dhuit na th' agad orm a dh'airgead.' Ann an tiota thòisich an duin'- uasal air fàs na bu lugha agus na bu lugha gus an robh e mu dheireadh cho beag 's gun do leum e na dhùradan crìon dubh a-staigh don sporan. Cho luath 's a chunnaic an Gobhainn Dubh seo, tharraing e na h-iallan agus cheangail e iad gu teann cruaidh mun bheul. Leag e an sin an sporan air an innein agus bhuail e trì buillean den òrd-mhòr cho math 's a b' urrainn e. Sgàin an sporan agus rinn e braigheadh cho mòr 's gun do shaoil bean a' Ghobhainn gun do shèideadh a' cheàrdach agus na bh' innte anns na speuran àrd. Ruith i a-mach le uamhas agus dh'fheòraich i gu dè thachair. Fhreagair an duine aice,

2.59 'Fhalbh! Ma thug esan an car àsamsa mun each bhàn agus mu na cailleachan, thug mise an car às-san le a bheatha a thoirt dheth.'

2.60 Lean e air na suic a dhèanamh agus air dol leò uair sa mhìos chum na faidhreach, ach dh'fhàs e na dhuine glic agus uair air bith a thigeadh èiginn airgid air

.i. 'uair sam bith a bha feum aige air airgead'.

bheireadh e beagan às an ionmhas a dh'fhalaich e fo stairsneach na ceàrdaich.

*