Ri Linn nan Linntean
Taghadh de Rosg Gàidhlig

air a dheasachadh le
Richard A.V. Cox agus Colm Ó Baoill

Taghadh taitneach de sgrìobhaidhean Gàidhlig a tha seo, a nochdas gu soilleir cùisean agus gnothaichean ar sinnsear.

Bheir Ri Linn nan Linntean dealbh sònraichte dhuinn air na linntean a dh’fhalbh tro chunntasan agus eachdraidh nan daoine a bha ann.

Tha an 100 earrann roisg, à caochladh àm agus air a
h-uile seòrsa cuspair, air an rèiteachadh a rèir bliadhna agus tha eagran ann an Gàidhlig an latha an-diugh air a chur ris an fheadhainn as sine.

207 dd. An Lùnastal 2005
ISBN 0-9549733-1-3 còmhdach bog £12.99
ISBN 0-9549733-0-5 còmhdach cruaidh £24.99