Saoghal Bana-mharaiche

Cunntas Beul-Aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich
ann am Machair Rois

air a dheasachadh le
Seòsamh Watson

Uinneag air saoghal bana-mharaiche agus a coimhearsnachd tro na naidheachdan aig Isbeil Anna, bean Uilleim MhicAonghais, agus feadhainn eile a bhuineadh don cheàrnaidh Ghàidhlig ann am bailtean-mara Mhachair Rois.

A thuilleadh air na sgeulachdan drùidhteach èibhinn seo, tha sreath de sheanfhaclan is ghnàthasan-cainnt ann agus an aon dàn fada a mhaireas ann an dualchainnt Ghàidhlig Mhachair Rois; agus seo uile air a rannsachadh agus air a lìbhrigeadh le sgil agus cùram le Seòsamh Watson, a thòisich air an obair-rannsachaidh aige san sgìre airson na ciad uarach ann an 1967.

Tha Seòsamh Watson na ollamh air Cànan agus Litreachas Nuadh Ghàidhlig na h-Èireann anns a' Cholaiste Oilthighe, Baile Àth Cliath.

xlv + 226 dd. 2007
ISBN 978-0-9549733-4-6 còmhdach bog £11.99