Sia Sgeulachdan Gaidhealach

na dealbhan le
West Highland Animation

a’ Ghàidhlig le
Richard A.V. Cox agus Murchadh MacLeòid

Draoidheachd agus uirsgeul, gaisgich agus slaoightearan: sia sgeulachdan dathach air an stèidheachadh air beul-aithris na Gaidhealtachd.

Trobhad ach an cluinn thu mun Nathair Ghil aig an robh comas slànachaidh; mun Bhana-bhuidsich Mhuilich a bheireadh ionnsaigh air duine sam bith nach còrdadh rithe; mar a fhuair Fionn bàs; mu chogais Dhòmhnaill Dhuibh Mhic ’ic Ailein, a thàinig thuige an cruth muile-mhàgag; mu Mhurchadh Dubh na h-Uamha agus mar a fhuair e air ais a oighreachd; agus mun oidhche a bha na gillean nam fìor ghillean!

64 dd. dathte air fad 2007
ISBN 978-0-9549733-6-0 còmhdach bog £6.99